Highland Folk Museum - An attraction for all ages
The Township - Aultlarie Farm - Open Air Museum: Buildings - Environment & the Landscape - Site Map - Newtonmore Image Gallery - Museum's Animal Friends
Newtonmore Museum

Taigh-tasgaidh Bhail’ Ùr an t-Slèibh

 Tha mìle agus ceithir fichead acaire (32 heactair) de dh’eachdraidh bheò ann a’ Highland Folk Museum Bhail’ Ùr an t-Slèibh. Chaidh an làrach a cheannach anns na 1980an ach cha do dh’fhosgail e gu 1995, agus bhon uair sin chaidh a leasachadh agus a dhèanamh nas fheàrr.

Chithear Beanntan a’ Mhonaidh Ruaidh bhon làraich seo agus tha iomadh seòrsa talmhainn anns an sgìre seo leithid talamh tuathanais; coilltean agus talamh fosgailte. Tha na sgìrean sin air an riochdachadh le togalaichean agus feartan-tìre a th’ air a bhith air an gluasad no air an ath-thogail, taisbeanaidhean obrach agus daoine a’ mìneachadh na h-eachdraidh.

Tha an làrach a’ sealltainn cò ris a bha beatha coltach ann an sgìrean dùthchail air a’ Ghàidhealtachd fad 200 bliadhna bho thoiseach nan 1700an gu meadhan nan 1900an.

A bharrachd air mìneachadh agus prògraman ghnìomhan chì luchd-tadhail ro-ràdh eileagtronaigeach, goireasan cafaidh a chleachdadh, taighean-beaga, làrach-cluiche chloinne, bùth, làraich chuirmean-cnuic a fhrithealadh agus faodaidh iad siubhal ann an carbadan eachdraidheil.

View the Newtonmore Site Map

.

Baking

Cows