| Dachaigh | Taighean-tasgaidh | Bail’ Ùr an t-Slèibh | Cinn a’ Ghiùthsaich | Cruinneachaidhean | Ionnsachadh | Cuir fios | |
| I.F. Ghrannd - Fiosrachadh Cruinneachaidh |
|
|
An t-Oll Iseabail Frances Ghrannd
Nuair a bha i a' siubhal san Roinn Eòrpa, thug iomairt nan taighean-tasgaidh a-muigh buaidh mhòr oirre. Thug "Skansen", ann an Stockholm, san t-Suain, a' chiad taigh-tasgaidh a-muigh a chaidh a stèidheachadh san Roinn Eòrpa le Artur Hazelius ann an 1891 gu h-àraidh buaidh oirre agus "Maihaugen", Lillehammer, ann an Nirribhidh far am faca i "obair" seach nithean air an gleidheadh. Sna taighean-tasgaidh sin bha, agus tha, buill-àrsaidh o bheatha làitheil nan daoine air am mìneachadh ann an co-theacsa "eachdraidh bheò" an dà cuid a thaobh structairean agus a thaobh na h-àrainneachd mun cuairt. Chuir A' Bh-Uas Ghrannd roimhpe ann an1934 taigh-tasgaidh a stèidheachadh mu dhualchas na Gàidhealtachd leis an amas "that the old setting of our daily life .... be saved". Chuir a' Bh-Uas Ghrannd roimhpe cuideachd, le bhith a' cleachdadh a stòrasan fhèin, gun clàradh i na b' urrainn dhi de sheann dòigh-beatha na Gàidhealtachd a bha a' crìonadh gu luath agus gun gleidheadh i na b' urrainn dhi dhe na h-innealan co-cheangailte ris an dòigh-beatha agus gu h-àraidh feadhainn a chaidh a dhèanamh san sgìre. Glè thric dheigheadh i gu daoine agus thabhainneadh i "stuthan" ùra dhaibh an àite nan seann innealan agus dh'fhalbhadh i leotha sa chàr aice, "Morris 8." Chruinnich i raon mòr stuthan dachaigh is stuthan fearainn eadar cathraichean agus cromain, poitean agus crainn. Ach air sgàth a lèirsinn, chaidh mòran stuthan cuideachd a ghleidheadh a bha air an dèanamh de stuthan organach, (adharc, leathar, fiodh, fraoch, connlach) agus a bha tearc an uair sin fhèin, mar a chithear air an làimh dheis. .
Ach bha làrach na bu mhotha, far am biodh mìneachadh, ath-chruthachadh agus structairean air an ath-thogail, riamh san amharc aig an Oll Ghrannd. Chaidh seo a choileanadh ann an 1943 nuair a bha "Pitmain Lodge", ann an Cinn a' Ghiùthsaigh, "found and bought the present home of the collection" " le "three acres of ground for the erection of cottages". Bha nithean às a' chruinneachadh aice air an taisbeanadh san Loidse, an dà chuid ann am buidhnean co-cheangailte agus ann an suidheachadh "sheòmraichean" fosgailte. Cha robh a h-uile càil air a dhèanamh san sgìre no le làimh oir bha Iseabail Ghrannd airson gum biodh e na thaisbeanadh "that did not show some of the things habitually imported into the Highlands would be misleading and suggest that we lived within barbarous isolation". Chleachd Iseabail Ghrannd structairean a bha air an làraich mar-thà agus feadhainn air an ùr thogail mar shuidheachadh dhan chruinneachadh gus dòigh-beatha na Gàidhealtachd a mhìneachadh. Chaidh na bh' air fhàgail de stàball agus de thaigh-còmhnaidh na Loidse a chleachdadh airson innealan àiteachais agus taigh-bainne. Bha a' chiad thaigh a thog i na "reconstruction of the type characteristic of Inverness-shire". Chaidh an dara togalach, "Lewis Cottage", an Taigh-tughaidh, ath-thogail "under the close personal direction of a frail old man from Lewis". Thàinig togalaich eile an dèidh sin. Chaidh muileann Lochlannach, le obrachadh a thug an t-Oll Ghrannd on Bhac, ann an Leodhas, a cheannach air £5. Chaidh an treas taigh a thogail an uair sin, "a mason-built but-and-ben". An-diugh, 's e an Taigh-tughaidh am prìomh thogalach a th' air fhàgail agus tha e na ìomhaigh dhen Taigh-tasgaidh. Dh'fhosgail a' Highland Folk Museum, no "Am Fasgadh Ùr" ann an Cinn a' Ghiùthsaigh air 1d Ògmhios, 1944. Bha am mìneachadh deiseil nuair a thàinig an crodh, na caoraich agus na gobhair. An-diugh thathar a' coimhead air an Taigh-tasgaidh mar a' chiad thaigh-tasgaidh a-muigh ann am Breatainn. Bha e deich bliadhna air thoiseach air gin eile. Mar aithne air an obair thùsail a rinn i, bhuilich Oilthigh Dhùn Èideann Ceum Urramach Ollaimh air air Iseabail Ghrannd air an 2ra Iuchair, 1948 . Còmhla ri bhith a' cruinneachadh, lean Iseabail Ghrannd oirre a' sgrìobhadh agus a' foillseachadh. Thug seo dhuinn an sàr leabhar, "Highland Folk Ways" (Routledge & Kegan Paul, Lunnainn, 1961) far a bheil i a' mìneachadh dualchas is dòigh-beatha na Gàidhealtachd. Chleachd i dealbhan às a' chruinneachadh aice fhèin airson an dòigh-beatha a mhìneachadh. Tha "Highland Folk Ways" fhathast ann an clò. Ann an 1954 leig Iseabail Ghrannd dhi a dreuchd làitheil san Taigh-tasgaidh. Le aonta còmhla ri Urras Pilgrim, chaidh an Taigh-tasgaidh agus na cruinneachaidhean a cheannach agus an toirt do bhòrd co-riaghlaidh de dh'oilthighean Chill Rìmhinn, Obar Dheathain, Ghlaschu is Dhùn Èideann. Chaidh a' chiad neach-gleidhidh, George "Taffy" Davidson, fhastadh agus bha e san dreuchd gu 1974. Aig an àm sin bha beagan teagamh ann mu dheidhinn "Am Fasgadh". Ach air sgàth obair dhealasach a rinn luchd saor-thoileach mar a' Bh-Uas Lois Vaughan agus feadhainn eile, chaidh an Taigh-tasgaidh a chumail a' dol gus an do cheannaich Comhairle na Gàidhealtachd e ann an 1975. Bho1976 bha an Taigh-tasgaidh air a stiùireadh leis an dara Neach-gleidhidh, R Ross Noble a leig dheth a dhreuchd san Fhaoilleach 2003. Fhuair Iseabail Ghrannd MBE ann an 1959, agus bha ùidh aice san Taigh-tasgaidh gu deireadh a latha. Chaochail i ann an Dùn Èideann ann an 1983 agus i 96. Bha fios aice gun robh gluasad ann leudachadh air an taigh-tasgaidh le bhith a' faotainn agus a' leasachadh làrach le 32 heactairean ann am Bail' Ùr an t-Slèibh. |