| Home | Highland Museums | Kingussie | Newtonmore | Activities | Shop | News | History | Resources | Contact | Gallery | Links |
| Founder - Opening Hours & Adm. Prices - Facilities - Location |
|
|
Loidse Pitmain: Tha na leanas anns an togalach seo a chaidh a thogail anns na 1700an:
Anns a’ chiad seòmar tha taisbeanadh mun Oll. Iseabail Ghrannd agus tha iomadach eisimpleir ann dhe na rudan a chruinnich i. Anns an dàrna seòmar, tha neach-glèidhidh an taigh-tasgaidh air taghadh a dhèanamh dhe na stuthan as prìseile a th’ anns an taigh-tasgaidh le rudan leithid èideadh Gàidhealach bho na 1840an gu colair pònaidh air a dhèanamh le connlaich.Taigh-tasgaidh an Tuathanais: Tha iomadach eismipleir de dh’innealan, uidheaman agus innealradh àiteachais an seo. Am measg nan rudan a tha ann tha acfhainn prìomhadail airson pònaidh, uidheaman bleoghain; uidheaman a bhiodh daoine a’ cleachdadh ann an sabhal agus ann an stàball, tractar‘Titan’ bho àm a’Chiad Chogaidh Mhòir agus inneal-buana Crosskill of Beverley Bell’s . Thathar an dùil gur e sin an aon fhear dhe leithid a tha air fhàgail ann an àite sam bith. Leas-thaigh an tuathanachais: stòr an taigh-tasgaidh a tha fosgailte air aon taobh, anns a bheil mòran de dh’innealan bualaidh, gigichean eich agus carbad eich a bhithte a’ cleachdadh aig cuirmean air an cumail. Stòr an Taigh-tasgaidh: Tha earrannan de chruinneachaidhean glèidhte an taigh-tasgaidh an seo agus faodaidh luchd-tadhail a dhol a-steach airson sgrùdadh a dhèanamh dhaibh fhèin. Tha preasachan agus dràthraichean le aghaidh ghlainne an sin agus tha na ceudan de ghnothaichean annta. Nam measg sin tha: doileagan; armachd; seudan, stuthan air an dèanamh le crèadh, stuthan fiodha, còmhdach agus mòran a bharrachd. An Taigh-rèisgidh: togalach beag air a dhèanamh le iarann liorcach a thàinig bho Oighreachd Farabraoin tuath air Inbhir Nis a chaidh a thogail mu 1900 gus iasg a chaidh a thoirt air tìr anns an sgìre fhèin a rèisgeadh. Am Muileann Ghlaic: muileann bhleith a chaidh ath-thogail. ’S e siostam ‘Nirribheach’ a th’ ann le siostam pleadhaig còmhnard. ’S e an t-innleachd a bh’ ann bho thùs a th’ ann agus chaidh fhaighinn bhon Bhac ann an Leòdhas an dèidh dhan Oll. Ghrannd taic-airgid a thoirt do dh’Ospadal Steòrnabhaigh. An Taigh-tughaidh: ath-thogail fìor choltach ri togalach bho na h-Eileanan an Iar a bh’ air a thogail leis an Oll. Ghrannd ann an 1944 le taic bho luchd-ceàird à Leòdhas. Thathar air a dhealbh mar gum biodh e bho na 1800an agus chan e a-mhàin gum faod luchd-tadhail a dhol dhan togalach airson fhaicinn mar a bhathar ga chleachdadh ach gheibh iad cuideachd eòlas air an fhàileadh bho theine mònadh. An taobh a-staigh nan crìochan: tha rudan eile ri fhaicinn cuideachd leithid taisbeanairean cloiche agus iarainn airson cruachan arbhair; tobhtaichean an taighe a bh’ aig an Oll. Ghrannd ann an Siorrachd Inbhir Nis. Faodaidh luchd-tadhail beagan fois a ghabhail aig làrach a’ chuirm-chnuic agus anns a’ ghàrradh. TAIGHEAN-BEAGA: Tha taighean-beaga anns na togalaichean so-ghiùlain a tha ri taobh Loidse Pitmain. |
![]() ![]() ![]() ![]() |