Highland Folk Museum - An attraction for all ages
  Teaghlaichean - Inbhich - Buidhnean Coimhearsnachd - Sgoiltean - Cuairt Sgoile - Cola-deug nan Sgoiltean - Cuspairean & Stòrasan - Bogsa air Iasad - CfE - CPD - Stòrasan Eile - Fiosrachadh Gleidhidh
Ionnsachadh

Sgoiltean
Tha Highland Folk Museum a' toirt mòran chothroman ionnsachaidh do sgoilearan aig gach ìre. Co-dhiù tha thu a' coimhead airson tadhal airson taic a chur ri cuspair sa chlas no airson nithean a rannsachadh sa chlasrum, tha mòran againn dhut.

Tha a' mhòr-chuid a' gabhail chuairtean air an ceann fhèin ach 's urrainn dhuinn stuthan a thoirt seachad gus taic a thoirt dhan chuairt agus faodaidh luchd-teagaisg tadhal an asgaidh airson cuairt a phlanadh.

Lean na ceangalan gu h-ìosal airson fiosrachadh air:

Pròiseactan Àrainneachd aig a' Highland Folk Museum

Bidh an Neach-raoin ag obair sa Highland Folk Museum ma chuirear sin air dòigh ro-làimh. Bidh luchd-teagaisg a' gleidheadh àite còmhla ris an Neach-raoin iad fhèin ach an co-cheangal ri luchd-obrach an Taigh-tasgaidh. Bu chòir do luchd-teagaisg a tha airson an Neach-raoin a chleachdadh fònadh thugainn no post-d a chur.

Fòn: Duncan Macdonald 01540 673907
Post-d: Duncan.macdonald@Highland.gov.uk

Feumaidh fios a bhith aig an Neach-raoin mu chuairt sam bith co-dhiù 4-6 seachdainean ro-làimh agus, air sgàth dleastanasan obrach, gleidhear àite do sgoiltean san òrdugh san tig iad thugainn.

 

.